Benutzer:Sionnach/Artikel

aus Wikipedia, der freien Enzyklopädie
Zur Navigation springen Zur Suche springen
Looking south from the Quiraing, Skye.

'S e an t-eilean as motha anns na h-eileanan a-staigh a tha anns an Eilean Sgitheanach, ainm eile: "Eilean a' Cheò". `S e an darna eilean as motha anns na Eileanan Siar gu lèir an dèidh Leòdhais agus na Hearradh.

Tha an t- eilean cho mòr ri 1.656, 25 cilemeatair ceàrnach. Anns a' bhliadhna 2001 bha 9.232 duine a' fuireach anns an eilean fhèin.


'S e cruth an eilean mar 5 rubhan fa-leth coltach ri leth-tarsainnean cuibhle, ceangailte aig cioch far a bheil an Cuiltheann, beanntain stucach 3,000 troigh an àirde, ag èirich os cionn na mara. 'S e Sgurr Alaisdair a' bheinn as àirde air feadh an eilein, tha i cho mòr ri 993 meatair (3.257 troigh).

'S e Port Rìgh na phrìomh-bhaile, 's e cuideachd am baile as motha a th' anns an eilean. Tha port-mara Phort Rìgh leis na taighean daithe gu math tric ri fhaicinn air cairtean phuist.


Canar gun d' tàinig an t-ainm às a' chànan Gàidhlig, a tha a' ciallachadh: The winged isle (eilean le sgiathan) neo bhon fhacal seann Lochlannaich: Skuyö, a tha a' ciallachadh: "Eilean fo sgothan. Bha na Lochlannaich air an eilean eadar an 9mh linn agus an 12na linn AC.


Eaconomaidh[Bearbeiten | Quelltext bearbeiten]

Caisteal Dùn Bheagain

Tha àiteachas, ceàird-làimhseachadh (craftmaking), gnìomhachas uisge-beatha agus an roinn turasachd glè chudthromach airson eaconomaidh an eilean.

  • Àiteachas: Tha gu bhith 2000 croit air an eilean,

ach chan eil ach 100 croit a tha mòr gu leòr airson dòigh - bheatha /a bhith beò as.

  • Gnìomhachas uisge-beatha:

Tha taigh-staile Talasgair ann. Cuideachd tha Mac-na-Mara, Tè bheag nan Eilean agus Poit Dhubh ann, Uisge- beatha measgte (blended) bhon Eilean Iarmainn ann an Slèite.

  • Ceàird

Tha an Ionad Àros faisg air Port Rìgh a`reic mòran stugh do na luchd turais.

  • Roinn turasachd:

As t-samhradh tha mòran luchd-turais a' tighinn don eilean seo. Tha an t-Eilean Sgitheanach cliùiteach airson na seallaidhean brèagha, m.e.:

Tha mòran seann chaisteil ann rin faicinn, m.e:

  • Caisteal Dùn Bheagain, a chaidh a thogail anns an 13mh linn.
  • Caisteal Armadale às an 10mh linn; an diugh tha taisbeannadh agus ionad Clan Donald ann.

Tha beathaichean fiach, m. e. : an iolaire buidhe, an iolaire-mhara agus an dòbhran (biast dhubh/otter) fhathast rin faicinn anns an Eilean Sgitheanach

Tha taisbeanachd mun dualchas agus croitearachd ann an tuath an eilean.

Dòighean shiubhail[Bearbeiten | Quelltext bearbeiten]

Drochaid an t-Eilean Sgitheanach

Tha ceangal gu tìr mhòr Bhreatainn le drochaid "skye Bridge". (Skye Bridge: Chaidh an drochaid eadar Caol Loch Aillse agus Caol Acain a thogail anns a` bhliadhna 1995. Ach bha muinntir an eilein a gearan mun phrìs (7.50 notaichean) a b`fheudar dhaibh a bhith a` paigheadh. Mar sin dheth cheannaich Riaghaltas na h-Alba an drochaid ann an 2004. An dràsda `s urrainnear an drochaid cleachdadh saor `s asgaidh.)

Tha bàtaichean aiseig a' ruith eadar Armadale agus Mallaig, cuideachd eadar Caol Acain agus Gleann Eilge. Tha bàtaichean eile a`dol eadar Uige agus Tairbeart/na Hearadh, agus eadar Uige agus Loch nam Madadh/Uibhist a Tuath.


Tha busaichean a' ruith gu Inbhir Nis agus gu Glaschu


Rudan inntinneach[Bearbeiten | Quelltext bearbeiten]

  • Donnaidh Rothach, seinnadair Gàidhlig, bha e a' cluich anns a' chòmhlan Runrig
  • Sorley MacLean, bàrd cliùiteach : bha e a`fuireach anns an eilean airson mòran bhliadhnaichean. (chuir e seachad an cuid as motha den bheatha aige air an eilean)
  • the "Skye Boat song", òran as toil leis an luchd turas/ ainmeil a-measg ..
  • Seachd, film Gàidhlig a chaidh a dhèanamh anns an eilean fhèin; foillsichte anns a`bhliadhna 2007

Tha Sabhal Mòr Ostaig, colaiste Gàidhlig, suidhichte ann an Slèite, ann an ceann a deas an eilein.

Ceàrnaidhean san Eilean Sgitheanach[Bearbeiten | Quelltext bearbeiten]

  • An Cuilthionn
  • Stafainn
  • Slèite
  • Srath shuardail agus Àird an t-Sratha
  • Eilean Iarmain
  • Siadar
  • Garros
  • Port nan Long
  • Trondairnis
  • Bhatairnis
  • Rubha an Dùnain

Bailtean san Eilean Sgitheanach[Bearbeiten | Quelltext bearbeiten]

Port Rìgh
  • An t-Aodann Bàn
  • Àrd a' Bhasair
  • An t-Àth Leathann
  • Boraraig
  • Borbh
  • Caol Acain
  • Cille Mhoire
  • Dùn Bheagan
  • Dùn Tuilm
  • Fearainn Domhnaill
  • An Garadh Fada
  • Port Rìgh
  • Ùig, An t-Eilean Sgitheanach